Seann Oran Gailic.

Category: Poetry
[Note: The Gaelic spelt as by Dewar.]

Do reir beulaithris ann an linn Righ Artair bhi ann an Duneidean,
bha Triath urramach Eirinneach a chuir tigh d'dean air
a chraig ris an abairte Aill-s'id-chuan, agus ghoid e na braighde
r'omhfhinne uasal, agus thug e i do'n Dun a thog e air Aill-s'id-chuan,
s bha e ga gleidh an sin na braighde. Bha Righ Artair
latha anns a bheinn a sealg, luidh e a' leigeadh a sg'theas dheth,
chaidil e agus bhruadair e air an r'mhfhinne a bha ann am braighdeanas,
agus ghabh e toil a cuir saor, ach cha robh fios aige c'aite
an robh i. Ghabh sir Bhalbha os laimh dol g'a h iarraidh na'm
faigheadh e long o'n Righ. Thug an Righ long dh'a, agus sheol
sir Bhalbha gus gun d'fhuair e air thuileamus i, agus thug e
dh'ionnsaidh Righ Airteir i, agus b'ann do'n ch'is chaidh an t
'ran a leasas a dheanamh.

Turus a chaidh Righ Arstair s a shluagh
Gu tullach na'm buadh, a shealg;
Gun duine mar-ris an Righ
Ach Sir Bhalbha, fo a lion arm.
Gun duine, &c.

Chunnaic Righ Bhreatun s e na shuain
An aon bhean a b'aillidh snuadh fo'n ghrein
'S b fhearr leis ro na bh'aige a dh'or
An 'g-bhean bhi aige fein.
'S b fhearr leis, &c.

Ach b'fhearr leis tuiteam ann an sin
Le comhrag fir, mar bha e fein.
No dol a dh'iarraidh na mn'
S gun fhios aige cia an t'aite fo n ghr'in.
No dol a dh'iarraidh, &c.

Thubairt Sir Bhalbha suairce cuin.
'S e mo r'n dol a dh'iarraidh na mn',
Theid mi fein mo ghille s mo chu
Nar triuir 'g a sireadh gun d'il
Theid mi fein, &c

Seachd seachdainnean le stri
Bha sinn sg'th a sinbhal cuain
Gun chala gun talamh gun fhonn
Gun ionad amis an gabhadh an long t'mh.
Gun chala gun, &c.

Chuannacas an iomall a chuain Ghairbh
Caisteal m'r m'n-gheal ghuirm,
Uinneagan gloine air a stuagh
S bu l'on-mhor ann cuaich coirn.
Uninneagan gloine, &c.

Air dhuinn bhi seoladh stigh ri bhun,
Chaidh slabhraidh a chuir a nuas;
S roimh an t slabhraidh cha do ghabh-ar crith
Ach chaidhearurra na m'ruith suas.
S roimh an t slabhraidh, &c.

Cuanna'cas an ighean eididh 'g
Air cathair 'ir na suidhe a steach
Sg'than gloine air a gl'n,
S bheannaich-eam do a gnuis gheal.
Sg'than gloine, &c.

Fhir a thainig o'run o'n chuan
S truagh br'gh do bheannachadh ann.

* * * * *

Ged thigeadh am fear mor na m dh'il
Gun iochd gun bh'igh le a chlaidheamh cruaidh,
Air do ghuidh-se a bhean bhlath.
S coingeis leam a ghradh seach fhuath.
Air do ghuidh-se, &c.

Arm cha deargadh air an thear,
Ach a chlaidheamh run-geal fein.
Agus is fhearr dhuit dol fo-chleith
Do aite air leith tearruinnt' o'n eug.
Agus is fhearr, &c.

Chaidh Sir Bhalbha fa-chleith
Agus a steach thainig am fear mor
Tha boladh an fhar-bhalaich a steach
Oirrinn iar teachd o thuinn na traigh.
Tha boladh an, &c.

Anamain, a sheircein, s a r'in
Is mor an gaol a thug mi dhuit,
Cuir thusa do cheann air mo ghl'in,
Agus seinnidh mi ci'in duit a chruit.
Cuir thusa do, &c.

Chuir e a cheann air uchd an ighinn 'ir,
Bu ghuirme s'il, s bu ghile deud,
S ge bu bhinn a sheinneadh i a chruit,
Bu bhinneadh an guth bha teachd o a beul.
S ge bu bhinn, &c.

Air dhuinn bhi cuairteachadh na'n cuan
Chaidil e suain, na thruim sheamh fann,
S thug iad an claidheamh a chrios
S ghearr iad gun fhios d'dheth an ceann,
S thug iad an, &c.

Ghoid iad a bhraighdeach s gu leir
S bha a bhean fein fo chumha thruim
Siod agaibh aithris mo sgeul
S mar a leugh iad am b'rd-cruinn.
Siod agaibh, &c.

Latha do Righ Arstair s a shluagh
Bhi air Tullach na'm buadh, a shealg.
Gun duine mar-ris an Righ
Ach Bhalbha, fo lion arm.

Available translations:

English (Original)